
Dh'fhosgail a' chiad aonad foglaim Gàidhlig ann an Siorrachd Rinn Friù an t-seachdain seo.
Tha an t-ionad stèidhichte aig Bun-sgoil an Iar ann am Pàislig.
Chan eil ach seachdnar chloinne, ann an clasaichean 1-3, a' dol ann an-dràsta, ach tha dòchas ann gun tig fàs air an àireimh a tha sin san àm ri teachd.
Chaidh Bun-sgoil an Iar a thaghadh leis gu bheil i faisg air meadhan Shiorrachd Rinn Friù agus bha a' Chomhairle airson 's gum biodh cothrom aig gach sgoilear san sgìre air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha tè de na pàrantan, Catriona NicAbaidh, air a dòigh.
"Tha e math airson an àite. Tha e math airson teaghlaichean a tha a' fuireach san sgìre.
"Tha tòrr Gàidhlig ann an Rinn Friù. Tha Fèis Phàislig ann. Tha buidheann tràth-ìrean ann. Tha tòrr a' dol. Agus cha bhi againn ri siubhal a-nis airson faighinn dhan sgoil," thuirt i.

Bha mac Catriona a' dol gu aonad Ghàidhlig ann an sgoil ann an Inbhir Chluaidh a tha pìos math air falbh bho far a bheil iad a' fuireach.
Ged a bha an sgoil sin agus na tidsearan a' còrdadh ris tha an teaghlach toilichte gun urrainn dha a-nis foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhaighinn nas fhaisge air an taigh agus anns an sgìre chomhairle aige fhèin.
Rinn Catriona moladh air Comhairle Rinn Friù 's i ag ràdh gun robh iad gu math cuideachail agus sgiobalta ann a bhith a' cur an aonaid ùir air dòigh an dèidh dhan iarrtas a dhol thuca.
Fhuair na pàrantan taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus Comann nam Pàrant cuideachd.
San àm ri teachd bu chaomh le Catriona gun deadh foghlam Gàidhlig san sgìre a leudachadh le cròileagain agus foghlam tràth-ìrean agus àrd-sgoil air an cur air dòigh.
Thuirt i gun robh còmhraidhean air tòiseachadh leis a' Chomhairle mun sin mar-thà.