Cothroman obrach is trèanaidh an cois chùmhnantan ùra a th' air fàire do Ghàrradh Àranais

Gàrradh Àranais
Fo-thiotal an deilbh,

Tha 145 duine ag obair aig Àranais agus tha dùil ri obraichean agus preantasachdan ùra a dh'aithghearr

  • Air fhoillseachadh

Tha dùil ri barrachd chothroman obrach agus preantasachd aig Gàrradh Àranais ann an Leòdhas an lùib òrdugh ùir bhon chompanaidh McDermott International.

Thug iad cùmhnant mòr dhan ghàrradh roimhe airson bun-structar a thogail a chaidh a chur ri pròiseact aca fon mhuir ann an Trinidad agus Tobago.

Thuirt manaidsear a' ghàrraidh Albert Allan: "Tha sinn ann an còmhraidhean leotha airson cùmhnantan ùra a tha sinn an dòchas a gheibh sinn a dh'aithghearr."

Tha an-dràsta 145 de luchd-obrach aig an làraich air iomall Steòrnabhaigh ach tha iad an dùil a bhith a' fastadh barrachd sna mìosan ri thighinn.

An goireas ùr do luchd-obrach Gàrradh Àranais le àite-bìdh, frasairean agus oifisean
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an goireas ùr do luchd-obrach sa bheil àite-bìdh agus frasairean, am measg eile, fhosgladh gu h-oifigeil an t-seachdain seo

Tha a' chompanaidh Navantia a ghabh thairis Àranais bho Harland & Wolff air a bhith a' gealltainn tòrr obrach, preantasan is cùmhnantan sna bliadhnaichean ri thighinn a chumas an gàrradh trang.

Gheall iad na milleanan a chosg airson a leasachadh.

Dh'fhosgail goireas ùr dhan luchd-obrach Diciadain an 24mh den Iuchar - far a bheil àite-bìdh, frasairean is oifisean am measg eile - a chosg còrr is £5m.

Thàinig £2m bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Thuirt cathraiche na buidhne, Aonghas Caimbeul: "'S e comharra a tha seo gu bheil sinn a' cur in-ionmhais ri sgìre dhùthchail a dh'fhaodadh buannachd fhaighinn às an obair a tha a' dol air adhart sa ghnìomhachas ath-nuadhachail agus pròiseactan einnseinnìridh eile.

"Tha cothroman nach beag ann a thaobh na tha a' tachairt air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, agus tha sinn airson agus gum faigh an sgìre air fad buannachd às."

Tha Mgr Caimbeul ag ràdh gu bheil e toilichte gu bheil "cothrom aig daoine òga trèanadh fhaighinn agus a bhith a' fuirich sna h-eileanan".

Tuilleadh mun sgeulachd seo