Naidheachdan 11:00m
Teine sa Mhonadh Ruadh
Gheall Rùnaire a' Cheartais ann an Riaghaltas na h-Alba, Neil Gray, gum biodh leasanan air ionnsachadh bho mar a thathas air an teine ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a làimhseachadh. Tha luchd-smàlaidh fhathast an làthair aig an teine, a thòisich bho chionn cha mhòr cola-deug faisg air an Aghaidh Mhòir. Ged a bheòthaich an teine a-rithist aig deireadh na seachdain seo chaidh, tha aimsir nas fhliche agus atharrachadh sa ghaoith air an luchd-smàlaidh a chuideachadh le smachd fhaighinn air às ùr. Thathas cuideachd air taic fhaighinn bho mhuinntir na sgìre - ged a tha mì-thoileachas air a bhith ann le mar a chaidh dèiligeadh ris a' chùis le na h-ùghdarrasan bho thùs.
Teintean air tìr-mòr na Roinn Eòrpa
Tha coinneamh èiginneach air a bhith ann de chaibineat a' Chinn-suidhe Macron anns an Fhraing an-diugh sa mhadainn gus bruidhinn air na teintean mòra a tha a' dol ann an grunn sgìrean dhen dùthaich sin. Tha an sgìre mun cuairt baile mòr Bordeaux, anns an Gironde, mun iar-dheas, gu sònraichte fo bhuaidh seo - agus còrr air 200,000 duine air an cur a-mach às na dachaighean aca. Tha loidhnichean-rèile agus rathaidean eadar an Fhraing agus an Spàinn le cuingealachadh mòr orra ri linn. Agus tha cuideachd teintean mòra a' dol chun an iar air Madrid, prìomh bhaile na Spàinne.
NHS
Tha am Prìomhaire Andy Burnham ag ràdh gu bheil Seirbheis na Slàinte ann an cunnart tuiteam às a chèile mura tèid cùram sòisealta ann an Sasainn a leasachadh. Thuirt e gum bi e a' dèanamh a h-uile càil as urrainn dha airson sin a chur ceart ach cha do dh'innis e cuin a bhios atharrachaidhean air an cur an gnìomh.
Binn air èigniche
Tha fear a dh'èignich nighean, aois 15, às dèidh a toirt am bruid ann an Dùn Èideann air binn fhaighinn de chuingealachadh air a mhaireas fad a bheatha - le co-dhiù còig bliadhna fo ghlais. Bha Aaron Strachan, a tha 20, air bagairt air an nighinn le sgithinn agus e a' toirt oirre coiseachd leis air sràidean mheadhan Dhùn Èideann tràth sa mhadainn sa Chèitean an-uiridh. Às dèidh na h-ionnsaigh, bha e air bagairt a goirteachadh nan innseadh i do dhuine dè rinn e. Dh'aidich e ri a chionta sa chùis san Dùbhlachd.
Bill Oddie
Tha luaidh ga dheànamh air a' chleasaiche, comaig agus preasantair telebhisein, Bill Oddie. Bha e 85. Thàinig e gu aire nàiseanta mar phàirt dhen triùir chomaig, The Goodies, air telebhisean, agus bha e an uair sin an sàs ann am prògraman mu fhiadh-bheatha, an leithid Springwatch air an telebhisean, agus e na eòlaiche air eunlaith gu sònraichte fad a bheatha.
Sir Ian Wood
Chaochail am fear-gnothaich Sir Ian Wood, a bha gu mòr an sàs ann an gnìomhachas na h-ola ann an Obar Dheathain thairis air iomadach bliadhna. Bha esan 84 bliadhna. Chruthaich e an Wood Group de chompanaidhean einseinnìridh is eile agus rinneadh rìdire dheth ann an 1994. Bha e cuideachd an sàs gu mòr ann an obair charthannais, agus gu ìre ann am poileataigs, agus e a' bruidhinn a-mach an aghaidh neo-eisimeileachd na h-Alba ron reifreann a bh' ann.