Obair a' tòiseachadh air goireas ùr ball-coise an Càrlabhaghair fhoillseachadh aig 12:15 GMT 13 Am Faoilleach
Tùs an deilbh, Bòrd Slàinte nan Eilean SiarTha obair air tòiseachadh gus pàirc bheag ùr ball-coise a thogail ann an Càrlabhagh.
Bidh a' phàirc ri taobh prìomh phàirce sgioba Chàrlabhaigh aig Cnoc a' Choillich.
Thèid an leasachadh air adhart is taic £22,000 air tighinn bho Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar.
Tha Càrlabhagh ag ràdh gur e àite a th' ann far an urrainn don òigridh ball-coise a chluich is far an urrainn dha sgiobaidhean inbheach blàthachadh suas.
Tha iad an dòchas gum brosnaich e cuideachd daoine aig gach aois a bhith ri eacarsaich.
"Tha sinn air ar dòigh an taic seo fhaighinn," thuirt cathraiche Sgioba Chàrlabhaigh, Calum 'Cobby' MacLeòid.
"Bidh e glè mhath dha na sgiobaidhean againn aig gach aois - nam measg an sgioba ùr againn do dhaoine thairis air 40 - agus 's e àite sàbhailte a bhios ann dhan fheadhainn òga a tha a' tighinn dha na geamaichean againn 'son ball-coise a chluich."
Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil iad air an dòigh taic a chur ri àite ùr treànaidh, is gu bheil goireasan mar seo cudromach do shlàinte an t-sluaigh anns na h-eileanan.
















