Teine a' Mhonaidh Ruaidh: Ministear a' dìon co-dhùnadh taic bho arm na Rìoghachd Aonaichte a dhiùltadh

Thòisich an teine fiadhaich air an 15mh den Iuchar
- Air fhoillseachadh
Tha Rùnaire Ceartais na h-Alba air a dhol às àicheadh chasaidean gun robh e a' feuchiann ri buaireadh poileataigeach a thòiseachadh.
Sin an dèidh dha diùltadh taic airm a ghabhail bhon Rìoghachd Aonaichte airson dèiligeadh ri teine fiadhaich mòr ann am beanntan a' Mhonaidh Ruaidh.
Thuirt riaghaltas Westminster gun toireadh iad heileacoptaran airm seachad, a thuilleadh air taic bho shaighdearan, às dèidh dhan teine a bhith air a mheas mar mhòr-thachartas air an deireadh-sheachdain.
Ach thuirt Niall Grey nach robh e comasach dhaibh iarrtas airson heileacoptaran sònraichte a choileanadh agus gun robh na goireasan a bha a dhìth orra aig luchd-smàlaidh san sgìre mu thràth.
'Obair mhòr fhathast' gus dèiligeadh ri teine a' Mhonaidh Ruaidh
- Air fhoillseachadhBho chionn 11 uair
Cead tilleadh dhachaigh do mhuinntir Dhrochaid Neithich
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Iomairt a' leantainn an aghaidh teine sa Mhonadh Ruadh
- Air fhoillseachadh17 An t-Iuchar
Tha naoi carbadan-smàlaidh, goireasan sònraichte agus 75 neach-smàlaidh aig làrach an teine faisg air Drochaid Neithich, 13 latha an dèidh dha tòiseachadh.
Chaidh iarraidh air cuid an taighean fhàgail thairis air an deireadh-sheachdain ach tha iad air cead fhaighinn tilleadh dhachaigh bhon uairsin.
Thuirt Seirbheis Smàlaidh agus Teasargainn na h-Alba gu bheil "piseach mòr" air a bhith ann ach gu bheil an suidheachadh fhathast "mòr agus ioma-fhìllte".
Tha feadhainn de bhuidhnean ionadail air ministearan na h-Alba a chàineadh - ag ràdh gun robh iad slaodadh ann a bhith a' leudachadh mar a bhathas a' làimhseachadh an teine.

Chaidh Niall Gray às àicheadh gun robh e a' feuchainn ri buaireadh poileataigeach a thòiseachadh
Nuair a chaidh faighneachd dha an robh e a' feuchainn ri buaireadh poileataigeach adhbharachadh, thuirt Niall Grey nach robh esan ag amas air càil ach gum faigheadh an fheadhainn a bha a' dèiligeadh ris an t-suidheachadh an taic riatanach a bha a dhìth orra.
Dh'innis e dhan BhBC gun cuala e ann an co-theacsa "mì-fhoirmeil" nach robh heileacoptaran sònraichte an airm rim faotainn agus gur dòcha gum biodh sin na adhbhar dragh do dhaoine.
Thuirt e cuideachd: "Nuair a chaidh mòr-thachartas a ghairm Dihaoine, bha sinn a' faireachdainn gum bu chòir dhuinn sin a dhearbhadh gus a bhith cinnteach nach robh na goireasan a bha sinn a' feumachdainn aca.
"Tha fhios againn a-nis nach eil na comasan airm sin aig an Rìoghachd Aonaichte agus leis an sin, cha b' urrainn dhaibh taic a bharrachd a thoirt dhuinn."
Thuirt labhraiche do riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun robhas a' coimhead air an taic a b' urrainn dhaibh a thabhann agus gun cuidicheadh iad ann an dòigh sam bith a b' urrainn dhaibh.
Thuirt iad gu bheil seo a' gabhail a-steach taic bho Sheirbheis Smàlaidh agus Teasargainn Shasainn agus gu bheil iad a' conaltradh ri sgiobaidhean ionadail anns a' Mhonadh Ruadh.

Tha Sandy McCook den bheachd gum bu chòir dhan riaghaltas a bhith air taic iarraidh na bu tràithe
A rèir Mhgr Gray, tha e dualtach gur e mac an duine a dh'adhbharaich an teine agus thuirt e gun dèan Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh air mar a tha iad a' làimseachadh theintean fiadhaich, às dèidh na th' air tachairt.
Ach tha Sandy McCook, cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Drochaid Neithich, a' cur às leth an riaghaltais gun robh iad a' dabhdail san dòigh anns an do dhèilig iad ris an teine seo.
"Tha mi gu math tàmailteach san fharsaingeachd," thuirt e.
"Nam biodh iad air goireasan iarraidh bhon Rìoghachd Aonaichte bho chionn seachdain, nuair a bha e soilleir gun robh an teine air a dhol à rian, cha bhiodh sinn fhathast a' feuchainn ri chur às an-diugh - ge bith dè chanas Niall Gray."
Tha luchd-smàlaidh fhathast a' dèiligeadh ris an teine a tha a-nis air a bhith a' gabhail dusan là.