Fèis Phàislig a' comharrachadh 10 bliadhna

Triùir dhaoine nan seasamh agus plaide thartan timcheall orra. Tùs an deilbh, FÈIS PHÀISLIG
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhoillsich Fèis Phàislig tartan oifigeil na bu tràithe dhen bhliadhna

  • Air fhoillseachadh

Tha Fèis Phàislig a' comharrachadh 10 bliadhna bho thòisich i.

Bhon uair sin, tha i air fàs bho aon sheachdain oideachaidh as t-samhradh gu prògram de thachartasan a tha gan cumail tron bhliadhna - eadar cèilidhean, clasaichean cunbhalach, còisir agus seachdain bhliadhnail na fèise a th' air a bhith a' dol an t-seachdain seo.

Chaidh cuirm shònraichte a chumail sa Ghearran airson an ceann-bliadhna a chomharrachdh agus chaidh tartan ùr oifigeil fhoillseachadh mar phàirt dheth sin.

Bho thòisich an fhèis, tha iomadach duine cloinne air a bhith na lùib agus tha i a-nis na pàirt chudromach de chultar a' bhaile.

Clann bheaga a' cluiche aig fèis
Fo-thiotal an deilbh,

Pàirt de na tha a' dol aig an fhèis an t-seachdain seo

Tha Joy Dunlop air a bhith san sàs innte bho chaidh a cur gu dol.

Thuirt i: "Tha mi a' smaoineachadh gur e an rud as cudromaiche mu dheidhinn Fèis Phàislig, 's e am fàs a th' air a bhith ceangailte ris an fhèis thar na h-ùine sin.

"A-nis tha clann a' tighinn a-steach, tha Gàidhlig aca, tha iad eòlach air a' cheòl, tha iad easgaidh.

"Agus 's ann às an sgìre seo a tha iad.

"Tòrr aca, chan eil ceangal sam bith aca ris a' Ghàidhealtachd no ris a' Ghàidhlig ach tha e a còrdadh riutha a bhith an seo"

Tha an fhèis a' toirt sgilean ùra do chloinn agus gam brosnachadh gus a' Ghàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile.

Thuirt Ruben, a th' air a bhith aig an fhèis an t-seachdain seo, gu bheil i a' sealltainn do dh'òigridh "gu bheil a' Ghàidhlig ann agus gum feum sinn a cleachdadh."

Duine le speuclairean air na sheasamh air beulaibh bratach air a bheil "Gàidhlig" sgrìobhte.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Alasdair Garrett na oide aig an fhèis am-bliadhna

A thuilleadh air cothroman a thaobh òran Gàidhlig is ceòl, tha Fèis Phàislig a' cur an cuimhne dhaoine gun robh a' Ghàidhlig san sgìre fada mus robh an fhèis.

Tha Alasdair Garrett na oide am-bliadhna agus tha e den bheachd gu bheil i air a bhith na buannachd mhòr.

"Tha sinn air fhaicinn gu bheil piseach air a thighinn air staid na Gàidhlig ann am Pàislig agus Siorrachd Rinn Friù bhon chionn ghoirid.

"Mar sin, tha mi airson faicinn na tha a' tachairt san àm ri teachd a thaobh nan sgoilear a tha a' tighinn suas agus an ùidh a tha e a' togail."

Le 10 bliadhna a-nis air an cùlaibh, tha miann ann airson tuilleadh leudachaidh.

Thuirt Joy: "Tha mi beò an dòchas gun dèan sinn barrachd, gun ruig sinn barrachd phàistean, gun tèid sinn a-steach dha na sgoiltean anns nach eil sinn an-dràsta agus gun cùm sinn a' fàs - 's gum bi barrachd cloinne ag ionnsachadh na Gàidhlig."

Tuilleadh mun sgeulachd seo