Docherty aig an stiùir an Inbhir Pheofharainair fhoillseachadh aig 10:37 TSB 3 An t-Sultain 2025
Tùs an deilbh, SNSChaidh Tony Docherty ainmeachadh mar mhanaidsear ùr Ross County.
Bha an obair bàn às dèidh do Don Cowie na Staggies fhàgail aig deireadh an Lùnastail.
Tha an cluba air droch thoiseach-tòiseachaidh a dhèanamh san Championship air an t-seusan seo às dèidh dhaibh a dhol sìos bhon Phrìomh Lìog sa Chèitean.
Bha Tony Docherty na mhanaidsear air Dùn Dè fad dà bhliadhna mus do chaill e a dhreuchd sa Chèitean.
Bha e ron sin air a bhith na leas-mhanaidsear dha Derek MacAonghais aig grunn sgiobaidhean.
Thuirt County gu bheil iad "air an dòigh" Docherty fhastadh.
"Tha eòlas mòr aig Tony agus tha sinn cuideachd air an aon ràmh a thaobh cultar a' chluba seo is na planaichean againn san ùine fhada," thuirt Àrd-oifigear Ross County, Steven Ferguson.
"Tha e gu mòr 'son a bhith na phàirt den chluba agus den choimhearsnachd agus tha sin a' toirt dhuinn misneachd mhòir is sinn 'son tilleadh dhan Phrìomh Lìog."
Thug an cluba cuideachd taing dha Iain Robasdan a bha na mhanaidsear eadar-amail bho dh'fhàg Don Cowie.
Chan eil e soilleir aig an ìre seo am bi Robasdan a' fuireach aig County.






