MacRath air ainmeachadh mar chòidse ùr sgioba iomain na h-Albaair fhoillseachadh aig 15:35 TSB 30 An t-Iuchar 2025
Tùs an deilbh, Camanachd Association'S e Ailean MacRath àrd-chòidse ùr sgioba iomain na h-Alba.
Tha e a'gabhail àite Garry Reid a bha os ceann an sgioba son an dà gheama eadar-nàiseanta mu dheireadh.
Tha MacRath na mhanaidsear air Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal san lìog nàiseanta cuideachd, agus an sgioba aige an-dràsta seachd puingean bho mhullach na lìg, le dà gheama a bharrachd aca ri chluich.
Thuirt è gu bheil e air a dhòigh, is Alba a' dèanamh deiseil airson geama le Èirinn aig an taigh airson a' chiad turas o 2018.
Chan eil Alba air an gnothach a dhèanamh air Èirinn a' dol air ais gu 2019 agus tha MacRath den bheachd gu bheil obair mhòr air thoiseach air.
Thuirt e: "Tha deagh fhios agam cho cudromach sa tha an geama, agus an t-uallachadh a dh'fheumas sinn dèanamh ma tha sinn airson an tiotal a thoirt air ais."
Tha geama na bliadhna-sa ann an Inbhir Nis air an 25mh den Dàmhair aig Pàirc a' Bhucht.





