Car aig mullach Lìog Leòdhais is na Hearadhair fhoillseachadh aig 09:44 TSB 7 An t-Iuchar
Tha cùisean air fosgladh suas aig mullach Lìog Leòdhais is na Hearadh às dèidh dhan Bhac call 'son a' chiad turas air an t-seusan seo.
Rinn Càrlabhagh an gnothach orra 4-2 aig Cnoc a' Choilich oidhche Luain.
Chuir Hamish Dòmhnallach Càrlabhagh air thoiseach dà thuras sa chiad leth ach fhreagair am Bac le tadhail bho Louie Dòmhnallach agus Eòghann Dòmhnallach.
Chaidh Càrlabhagh air ais air thoiseach san dàrna leth is Hamish Dòmhnallach a' cur crìoch air an hat-trick aige fhèin, mus deach fear-glèidhidh a' Bhac, Aonghas Moireach, a chur dheth le cairteal na h-uaireach air fhàgail.
Thàinig an tadhal a rinn cinnteach air na puingean do Chàrlabhagh anns na diogan mu dheireadh bho Dylan Forster.
Leis a' Bhac a' call tha an Rubha air gluasad nas fhaide air thoiseach aig bàrr na lìge is iad air buannachadh 8-1 ann an Nis oidhche Luain.
Thàinig na tadhail aca bho Rob Jones (3), Aonghas Dòmhnallach (2), Ethan MacÀdhaimh, Anndra Moireach is Daniel Broke.
Fhreagair Lee Johnson an tadhal 'son Nis.
Chaidh na geamaichean eadar United is na Hearadh is an Taobh Siar is Aths a chur dheth is bidh iad a-nise oidhche Chiadain.
Tha na thachair oidhche Luain a' fàgail gu bheil an Rubha, am Bac is Aths a-nise uile air an aon àireamh de phuingean a leigeil às, is an Rubha sia puingean air thoiseach aig a' mhullach is iad air barrachd gheamaichean a chluich.
Bidh Càrlabhagh fhèin cuideachd a' faireachdainn gu bheil na trì puingean oidhche Luain gan toirt air ais a-steach dhan rèis.
Ann an Lìog Uibhist is Bharraigh oidhche Mhàirt bidh Èirisgeigh an aghaidh Saints an Ìochdair.
Bidh an geama sin aig Cnoc na Monadh aig 6:30f.











