Spòrs

Latest updates

  1. Cò ris a tha e coltach an taca ris an Fhraing ann an 98?air fhoillseachadh aig 10:34 TSB 18 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  2. Cupa na Cruinne: Cothrom air eachdraidh?air fhoillseachadh aig 08:21 TSB 18 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  3. An t-Arm Tartan air Boston a ghabhailair fhoillseachadh aig 15:12 TSB 16 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  4. Buaidh mhòr dhan Rubhaair fhoillseachadh aig 09:31 TSB 16 An t-Ògmhios

    Neartaich an Rubha an suidheachadh aca aig mullach Lìog Leòdhais nuair a rinn iad an gnothach 2-1 air an Taobh Siar oidhche Luain.

    Thòisich na Rubhaich gu làidir le dà thadhal sa chiad deich mionaidean bho Josh Mac a' Ghobhainn agus Aonghas Dòmhnallach.

    Fhuair Luke MacAoidh fear air ais dha na Siaraich ro letheach-slighe ach 's e sin an tadhal mu dheireadh den oidhche is an geama a' crìochnachadh 2-1.

    Tha an Rubha air 18 puingean, còig air thoiseach air a' Bhac, ach tha iad air dà gheama a bharrachd a chluich.

    Bha deagh oidhche aig a' Bhac fhèin is iad a' buannachadh 5-0 an aghaidh Nis.

    Thàinig na tadhail aca bho Cole Lamb, Leo Hannah, Ally MacÌomhair, John MacLeòid agus Seumas Moireach.

    Tha Aths san treas àite is iadsan a-nise air ceithir a-mach à ceithir a bhuannachadh às dèidh dhaibh soirbheachadh 7-1 an aghaidh sgioba nan Loch.

    Bha Aths 4-0 air thoiseach taobh a-staigh 20 mionaid aig a' Chreagan Dubh.

    Bha cothroman gu leòr aca barrachd thadhal fhaighinn - nam measg trì breaban-peanais nach do chuir iad - ach bha oidhche gu math cofhurtail aca co-dhiù.

    Chrìochnaich an geama eile oidhche Luain eadar Càrlabhagh is na Hearadh 1-1.

    Chaidh na Hearaich air thoiseach tràth ach dh'fhàg breab-peanais bho Ali Dòmhnallach dìreach ro letheach-slighe an geama co-ionnan 1-1.

  5. "Tadhal cho prìseil do dh'Alba"air fhoillseachadh aig 14:57 TSB 15 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  6. Alba a' buannachadh a' chiad gheama aca aig Cupa na Cruinneair fhoillseachadh aig 17:21 TSB 14 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Chan e an geama no tadhal as àlainn a bha a-riamh ann - ach thòisich Alba Cupa na Cruinne le trì puingean is iad air an gnothach a dhèanamh air Haiti 1-0.

    Tha Alasdair MacIllinnein ag aithris à Boston.

  7. Cupa MhicThàmhais le Ceann a' Ghiùthsaichair fhoillseachadh aig 18:59 TSB 13 An t-Ògmhios

    Dòmhnall Pollock
    BBC Naidheachdan

    Savio GeniniTùs an deilbh, Neil G Paterson
    Fo-thiotal an deilbh,

    Savio Genini air a dhòigh às dèidh dha Ceann a' Ghiùthsaich a chur air thoiseach

    'S iad Ceann a' Ghiùthsaich a bhuannaich Cupa MhicThàmhais is iad air an gnothach a dhèanamh 2-0 air na nàbaidhean aca Baile Ùr an t-Slèibh aig Pàirc a' Bhucht.

    Thàinig an dà thadhal anns an 20 mionaid mu dheireadh ann an geama a bha glè fhaisg, fiosaigeach, agus aig amannan car nimheil.

    Ach ged a bha e teann, bha barrachd den bhall aig Ceann a' Ghiùthsaich agus na cothroman a b' fheàrr cuideachd.

    Bha dà shàbhaladh air leth aig Kenny Ros eadar na puist aig Baile Ùr an t-Slèibh - rud a dh'fhàg gun deach ainmeachadh air a' cheann thall mar shàr-chluicheadair an là - ach cha b' urrainn dha dad a dhèanamh mu rocaid bho astar bho Savio Genini le cairteal na h-uaireach air fhàgail gus Ceann a' Ghiùthsaich a chur 1-0 air thoiseach.

    Thàinig an dàrna tadhal a rinn cinnteach air a' chupa do Cheann a' Ghiùthsaich le dìreach diogan air fhàgail- agus 's e oidhirp àlainn eile a bh' ann, an turas seo bhon sgiobair aca Ruairidh MacAnndrais.

    2-0 dha Kings aig deireadh an fheasgair is iad air Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh a-nise còig bliadhna ann an sreath.

    Bidh iad cuideachd air an dòigh a' chùis a dhèanamh air a' Bhaile Ùr às dèidh dhaibh an dà gheama mu dheireadh aca nan aghaidh a chall.

    "Bha sinn airidh air is chluich sinn iomain air leth," thuirt manaidsear Chinn a' Ghiùthsaich, Raghnal Ros, air BBC Radio nan Gàidheal às dèidh a' gheama.

    "Bha fios againn gur e blàr a bhiodh ann ach bha tadhail shònraichte againn.

    "Bha Baile Ùr an t-Slèibh fiosaigeach is tha cluicheadairean math aca, ach air a' cheann thall rinn an tàlant san sgioba againn an diofar".

    'S e briseadh-dùil mòr a bh' ann do mhanaidsear Bhaile Ùr an t-Slèibh ach bha Peadar Ros a' faireachdainn gun robh glè bheag eadar na sgiobaidhean.

    "Tadhal air leth bho Savio is feumaidh mi a mholadh is sin an diofar.

    "Cha toir seo buaidh sam bith oirnn ge-tà is bidh sinn deiseil airson a' gheama an ath-sheachdain".

    Agus 's e geama mòr eile a tha sin is na sgiobaidhean gus coinneachadh a-rithist ann an Cupa MhicAmhlaigh.

    Eachdraidh do Chamanachd Leòdhais

    A thuilleadh air a' chuairt dheireannaich aig a' Bhucht bha trì geamaichean ann an Cupa MhicAmhlaigh Disathairne.

    Rinn na Sgitheanaich an gnothach 4-0 air Lòbhat agus 's e 3-0 a bh' ann do Chamanachd an Òbain an aghaidh Eilean Bhòid.

    Chuir Obar Dhobhair crith tro Chaol Bhòid ann am Fìobha is sgioba Thaigh na Bruaich a' faighinn troimhe air èiginn 2-1.

    Aig an dearbh àm rinn Camanachd Leòdhais eachdraidh is iad troimhe gu cuairt-dheireannach airson a' chiad turas a-riamh.

    Rinn na Leòdhasaich a' chùis 3-1 air Loch Carrann ann an Druim na Drochaid ann an iar-chuairt dheireannach Cupa a' Chinn-chinnidh.

    Thàinig na tadhail aca san dàrna leth bho Daniel Harrison, John Slaughter is Scott MacLeòid, às dèidh do Davie Camshron Loch Carrann a chur air thoiseach.

    Bidh na Leòdhasaich a-nise an aghaidh Ghleann Garadh sa chuairt dheireannaich is iadsan air an gnothach a dhèanamh 5-3 air Oilthigh Obar Dheathain.

    Bidh a' chuairt dheireannach ann Disathairne an 1d là den Lùnastal aig Pàirc a' Bhucht.

  8. Càin £1,000 air ICTair fhoillseachadh aig 17:08 TSB 11 An t-Ògmhios

    Chaidh càin £1,000 air Caley Thistle Inbhir Nis às dèidh do luchd-leantainn a dhol air a' phàirc nuair a bha iad a' cluich Hamaltan aig toiseach a' Chèitein.

    Bhuannaich ICT an geama 2-1 gus tiotal Lìog 1 a thogail.

    Bha Inbhir Nis am measg grunn chlubaichean a bha an SPFL a' rannsachadh ann an co-cheangal ri luchd-taic a bhith air a' phàirc ann an geamaichean aig deireadh an t-seusain.

    A bharrachd air a' chàin, thèid 50% den North Stand aig Pàirc Chaley a dhùnadh airson aon gheama ma thèid luchd-taic air a' phàirc a-rithist eadar seo is samhradh 2028.

    Chuireadh càin £1,000 cuideachd air Hamaltan, is chaidh peanasan air Celtic, Tobar na Màthar is Stenhousemuir ann an co-cheangal ri geamaichean eile.

  9. Dè na dùbhlain a tha mu choinneimh Alba anns na Stàitean?air fhoillseachadh aig 08:25 TSB 10 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  10. Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich aig bàrr na lìgeair fhoillseachadh aig 08:22 TSB 10 An t-Ògmhios

    Chaidh Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich gu mullach Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt nuair a rinn iad an gnothach 5-3 air Loch Aillse.

    Thàinig na tadhail aig an Iar-Thuath bho Ailig Dòmhnallach, Gus Dòmhnallach, Ionatan Peutan, Jamie MacFhionghain, is tadhal a chuir Loch Aillse dhan lìon aca fhèin.

    'S e an OG sin anns na dìogan mu dheireadh a rinn cinnteach air na puingean dhan Iar-Thuath.

    'S iad Cameron Godfrey, Donnchadh MacMhathain is Ahmed Zaheer a bha air an targaid do Loch Aillse.

    Tha an Iar-Thuath air na còig geamaichean aca san lìog gu seo is iad a-nise trì puingean os cionn Mhalaig agus Slèite is an Srath aig a' mhullach.

  11. Cuimhne air Cupa na Cruinne ann an 1998air fhoillseachadh aig 16:43 TSB 9 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  12. Bàideanach an aghaidh Loch Abair an Cupa Valerie Fhriseilair fhoillseachadh aig 09:25 TSB 9 An t-Ògmhios

    Bàideanach is Loch Abar

    Coinnichidh an dà sgioba a bha sa chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil an-uiridh san iar-chuairt dheireannaich am-bliadhna.

    Rinn Bàideanach an gnothach 2-0 air Loch Abar sa gheama mhòr an-uiridh gus an cupa a thogail.

    Ged a tha Bàideanach air a bhith a' dol nas fheàrr air an t-seusan seo, rinn na h-Abraich a' chùis orra 3-0 an t-seachdain sa chaidh.

    San iar-chuairt dheireannaich eile bidh GMA an aghaidh Cheann Loch Seile no Camanachd an Eilein Sgitheanaich.

    Chaidh an geama eadar nàbaidhean a' Chosta an Iar a chur dheth aig an deireadh-sheachdain.

    Tha an taghadh agus dà thaghadh eile a rinneadh Diluain mar a leanas:

    Cupa Valerie Fhriseil - geamaichean air an 26mh den Iuchar

    • Bàideanach - Loch Abar

    • GMA - Ceann Loch Seile/An t-Eilean Sgitheanach

    An Cupa Dùbhlan - geamaichean air an 26mh den Iuchar

    • Srath Ghlais - Dùn Ad

    • GMA - Obar Dhobhair

    Cupa nan Sgiobaidhean Singilte - geamaichean air a' 5mh den Iuchar

    • Dùn Ad - Srath Spè/Tatha is For

    • Lòbhat - Gleann Urachadain

  13. Tadhail a' frasadh a-steach an Cupa Eilean an Fhraoichair fhoillseachadh aig 09:09 TSB 9 An t-Ògmhios

    Cupa Eilean an Fhraoich

    Chaidh na Hearadh, an Taobh Siar agus an Rubha air adhart dhan iar-chuairt dheireannaich de Chupa Eilean an Fhraoich agus tadhail gu leòr anns na geamaichean oidhche Luain.

    Bha na Hearaich ann an suidheachadh gu math doirbh às dèidh dhaibh call 4-1 ri sgioba nan Loch sa chiad gheama bho chionn cola-deug.

    Abair gun do thionndaich iad cùisean mun cuairt ann an stoidhle air an Tairbeart ge-tà - is iad a' pronnadh nan nàbaidhean Leòdhasach aca 7-1.

    'S iad Seumas MacEanraig (2), Yahya Mohammed (2), Morgan MacLeòid (2) is Anndra Moireasdan le breab-peanais a bha air an targaid dha na Hearaich is iad troimhe 8-5 thairis air an dà gheama.

    Bha geama iongantach ann eadar an Taobh Siar is Càrlabhagh bho chionn cola-deug is na Siaraich air thoiseach 5-1 faisg air an deireadh, mus d' fhuair Càrlabhagh trì tadhail air ais gus dòchas a thoirt dhaibh fhèin 'son an dàrna geama.

    Chaidh an dòchas sin a dhubhadh às ann am Barbhas oidhche Luain.

    Chuir Luke MacAoidh an Taobh Siar 1-0 suas sa chiad leth agus san dàrna leth thàinig barrachd thadhal bho Scott 'Tiger' MacArtair (3), Ali 'Barbhas' MacLeòid, is AJ Moireasdan.

    6-0 dha na Siaraich air a' cheann thall agus 11-4 thairis air an dà gheama.

    Bha Nis 1-0 air thoiseach air an Rubha a' dol a-steach dhan gheama ann an Garrabost ach bha na Deargaich ro mhath dhaibh - tadhail bho Josh Mac a' Ghobhainn, Darren Wilson, Aonghas Dòmhnallach agus Ethan MacAdam gun cur troimhe 4-1 thairis air an dà gheama.

    Bha am Bac mar-tha air a dhol dìreach dhan iar-chuairt dheireannaich.

    Tha iar-chuairt dheireannach mar a leanas:

    • Na Hearadh - An Rubha

    • An Taobh Siar - Am Bac

    Bidh na geamaichean ann air an 13mh is an 20mh den Iuchar.

  14. Cuimhne air USA 94air fhoillseachadh aig 13:59 TSB 8 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  15. Sgiobaidhean Bhàideanach ann an suidheachadh làidirair fhoillseachadh aig 11:39 TSB 8 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Aithris air a' gheama eadar an Gearasdan is Baile Ùr an t-Slèibh

    Ghluais Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich nas fhaide air thoiseach aig mullach Prìomh Lìog nam fear às dèidh dhaibh soirbheachadh air an deireadh-sheachdain.

    Bha e teann dhan Bhaile Ùr is iad a' buannachadh 2-1 sa Ghearasdan.

    Aig an dearbh àm bha Ceann a' Ghiùthsaich a' toirt pronnadh 7-0 air Camanachd an Òbain - na tadhail uile sa chiad leth.

    Bidh sùil a-nise air a' gheama mhòr eadar nàimhdean Bhàideanach ann an cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais Disathairne seo tighinn.

    Thàinig an naidheachd mhòr eile air an deireadh-sheachdain ann an Còmhghall far an do bhuannaich Caol-Gleann sa Phrìomh Lìog 'son a' chiad uair.

    'S e 4-2 a bh' ann dhaibh an aghaidh Loch Abair is dòchas às ùr aig sgioba Ghleann Da-Ruail gun urrainn dhaibh fuireach an àirde am-bliadhna.

    San dà gheama eile sa Phrìomh Lìog rinn tadhal anns na diogan mu dheireadh an gnothach do Cheann Loch Seile an aghaidh nan Sgitheanach ann am Port Rìgh 2-1, agus 's e an dearbh rud is an dearbh sgòr a bh' ann do Chabar Fèidh ann an Taigh na Bruaich an aghaidh Chaoil Bhòid.

    Ann an iomain nam ban chaidh an geama mòr ann an Cupa Valerie Fhriseil eadar Ceann Loch Seile is An t-Eilean Sgitheanach a chur dheth air sgàth na sìde.

    Chaidh Bàideanach air adhart 12-0 an aghaidh Inbhir Nis ge-tà is 's e 5-0 a bh' ann do GMA an aghaidh Ghleann Urchadain.

    Bha Loch Abar mar-tha air a dhol troimhe dìreach gun geama a chluich.

  16. Farpais shoirbheachail eile aig Cuach na Cloinneair fhoillseachadh aig 10:10 TSB 4 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Joe MacNìll ag aithris bho Chuach na Cloinnne

    Shoirbhich gu mòr a-rithist le Cuach na Cloinne is an fharpais air a bhith a' comharrachadh gu bheil 20 bliadhna bho thòisich i.

    Air a' cheann thall 's iad Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a shoirbhich air breaban-peanais sa chuairt dheireannaich Diciadain.