Deagh là aig lùth-chleasaichean WIIGAair fhoillseachadh aig 08:49 TSB 14 An t-Iuchar 2025
Bha deagh là aig sgioba lùth-chleasachd nan Eilean Siar Là na Sàbaid.
Chaidh aig Seonaidh MacAonghais air cuairt-dheireannach na rèise thar 1500m a ruighinn - bidh sin ann oidhche Mhàirt.
Às dèidh faighinn tro na rèisean dearbhaidh, bidh an dà chuid Thomas Brennan agus Tony Wesley an sàs Diluain ann an iar-chuairt dheireannach rèis 100m.
A dh'aindeoin an teasa ann an Kirkwall, chaidh aig Muriel NicLeòid agus Catriona Bain air crìoch a chur air rèis nam ban thar 10,000m - le Catriona a' faighinn PB de 42.02.13 anns a' chiad turas aice aig na geamannan.














